Chaidh an cùrsa Leasachadh Dreuchdail Leantainneach (LDL) ann an Leasachadh Coimhearsnachd a dhealbh gus coinneachadh ris na feumalachdan trèanaidh agus leasachaidh aig buidhnean Gàidhlig agus ùghdarrasan poblach a tha ag obair ann an coimhearsnachdan gus a’ Ghàidhlig a dhìon agus ath-bheòthachadh.
Bheir thu sùil air leasachadh coimhearsnachd airson a h-uile suidheachadh, dùthchail is bailteil, air a bheil leasachadh na Gàidhlig a’ toirt buaidh. Leasachaidh tu sgìlean gus leasachadh cànain agus leasachadh coimhearsnachd a dhealbhachadh, a’ toirt còmhla eòlas teòiridheach le ceumannan practaigeach ann an ath-bheothachadh choimhearsnachdan agus cànain.