Nam bu mhiann leat a bhith ag obair sna meadhanan Gàidhlig, bheir an cùrsa ceum ùr-ghnàthach is adhartach seo ann an Gàidhlig agus na Meadhanan cothrom air leth dhut fhaighinn a-steach don ghnìomhachas bheothail agus inntinneach seo.
Aon uair ’s gum bi thu fileanta sa Ghàidhlig, ionnsachaidh tu mar a chuireas tu na sgilean cànain agad gu feum ann am farsaingeachd de mhodalan brosnachail agus ùr-nodha a bhuineas ri obair sna meadhanan. Tha na h-eileamaidean seo stèidhte air teòraidh sa mhòr-chuid agus iad air an dealbhachadh gus do dhèanamh mothachail air na suidheachaidhean cultarach, sòisealta, poilitigeach agus teicneolach anns a bheil na meadhanan ag obair, le fòcas shònraichte air craoladh, an t-eadar-lìon agus film.
A’ cleachdadh teicneòlas didseatach adhartach, gabhaidh tu pròiseact practaigeach os làimh, a’ leigeil leat na sgìlean teòraidh agad a chur gu feum agus eòlas nas fharsainge agus na fhreagarraiche fhaighinn.