Tha An Cùrsa Adhartais a’ tabhann cothrom dhut cuir ri do mhisneachd a thaobh conaltradh sa Ghàidhlig. Bheir e deagh bhunait dhut airson ionnsachadh a bharrachd a dhèanamh tro mheadhan na Gàidhlig, gad chuideachadh a bhith a' faighinn obair ann an saoghal na Gàidhlig.
Tha an cùrsa seo air a lìbhrigeadh air-loidhne agus tha e co-ionann ris a’ chiad bhliadhna den chùrsa Gàidhlig agus Cuspairean Co-cheangailte. Tha an cùrsa seo a’ còmhdachadh nam puingean gràmair a th’ anns a’ Chùrsa Chomais agus a’ cleachdadh na h-aon dòighean teagaisg agus ionnsachaidh ris A’ Chùrsa Inntrigidh.